Siubhal: Dà Uair ann am Malaig

 

Sgrathail, nach eil?

Sgrathail, nach eil?

Malaig? 

Tha e cho furasta smaoineachadh sa chiad dol a-mach gur e àite fìor shnog a th’ ann am Malaig is e na bhaile beag iomallach air cost siar na Gàidhealtachd le seallaidhean brèagha air na h-Eileanan Tarsainn, Slèite agus biorach na Cuilinn.

Bidh a’ mhòr chuid den luchd-turais bochd a’ tighinn a Mhalaig air an trèana ainmeil a thèid tarsainn air an drochaid “Harry Potter” agus a bhios a’ dol seachad air a’ ghainmhich àlainn airgid Mhorair. ‘S i tha brèagha!

Ach, a chàirdean, seo agaibh mo chomhairle. Is fhiach stad ann am Mòrar, is fhiach tadhal air Àrasaig no baile beag sam bith eile air an rathad ach na rach a Mhalaig agus innsidh mi dhuibh carson.

Na faoileagan

Cho luath is a ràinig mi Malaig bha fios agam gun robh rudeigin fada ceàrr air an àite. Chunnaic mi buidheann de fhaoileagan a’ smocadh agus a’ cluich chairtean taobh a-muigh a’ cho-operative. Dh’ fhaodadh gur e sgairbh a bh’ annta. Chan eil mi gu buileach cinnteach às a chunnaic mi.

Rinn iad orm gu grad le gàire cam air an goban co-dhiù. Cha b’ urrainn dhomh gluasad is mi glacte leis an eagal.

“Cà’l thu dol?” sgreuch iad? “A’ dol a dh’fhaighinn chips a bheil?”

“A’ dol gan toirt dhuinne a bheil? A’ dol a bhith laghach dhad charaidean ùra a bheil?”

Thuirt mi riutha nach robh mi ag iarraidh ùpraid a bhith ann.

“Oh `ceart a charaid is tu a THA laghach. Thalla is faigh na chips agus chan iarr sinn ort a dhol a shnàmh còmhla rinn.”

“Nach bu toil leat turas fon mhuir, cha mhaireadh tu fada an sin!” Thòisich iad a’ gàireachdainn le chèile mar mhadaidhean às an rian.

Aig an Chippy

Bha sinn uair a thìde a’ dol air ais is air aghaidh chun a’ chippy is iad ag ithe pòrsan as dèidh pòrsain de chips agus fhathast ag iarraidh tuilleadh.

Cha tug e fada dhaibh obrachadh a-mach gum faigheadh iad adag, trosg agus iomadh èisg eile an sin agus gum faigheadh iad `pile chips airson a dhol còmhla riutha nas motha. Bha iad air an dòigh is mi fhìn a’ gabhail eagal mo bheatha romhpa. Bha iad a’ dol cracte leis an t-salann agus omega-3.

Dol-às?

Shaoil mi leam fhèin. “bollocks to this” chan e annta ach faoileagan. Leum mi air an tè bu mhotha agus cha tug mi fada dèiligeadh rithe.

Chuairtich a chòmhlan mi. Bha iad tapaidh is seòlta ach bha iad air cus chips ithe is iad a’ fàs sgìth is rag.

Chunnaic mi le mo shùil ghèar tè dhuibh a’ togail gunna le a sgiath. Rug mi air a gob agus thog mi suas os mo chionn i.

Loisg i orm, cha d’fhuair i mi. Thòisich mi tionndadh gu luath is an creutair fhathast a losgadh a’ ghunna orm agus an corr nan deann-ruith ann an cearcallan beaga, a’ sgreuchail is a’ sìneadh a-mach oirnn.

Dhùin mi mo shùilean.  Rinn mi ùrnaigh bheag nam inntinn agus dileag bheag nam dhrathais. Chaidh mo shaoghal na dhorchadas.

Cha robh mi fada gun èirigh. Bha mi nam laighe ann am pile ghoban buidhe briste agus iteagan geala is dearga ach… fhuair mi às lem bheatha.

Co-dhùnadh

So, aidh, sin adhbharan gu leòr gun a bhith a’ dol a Mhalaig. Bha coltas math air na chips ged-tà.