Sgoilearan Gàidhlig Dhùn Èideann a bhith air am fuadachadh
Thàinig e am follais an t-seachdain seo gun tèid àiteachan ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a dhiùltadh do chuid de sgoilearan Ghàidhlig anns a’ bhaile.
“Mar a thuigeas mise an gnothach `s e as fhasa na sgoilearan uile a chur a-null a Chanada” thuirt Iarla comhairle Dhùn Èideann.
“Thigeadh deagh bhuannachdan às an sin nas motha:
- Barrachd Ghàidhlig ann an Alba Nuadh.
- Nas lugha den Chànan sa bhaile bhrèagha againn fhèin.
- Barrachd rùim airson cheviots ann an raon-chluiche na h-àrd-sgoile.”
Ged nach eil pàrantan idir riaraichte le beachdan a’ chomhairle, thèid am planaichean a thoirt gu buill mura leum Bòrd na Gàidhlig a-steach mar leòmhainn air druim impala crùbach agus stad a chur air a’ ghnothach.
Tha an comhairle air làrach a cheannach dha na sgoilearan mar-thà.
“`S e deagh choille a th’ innte, làn chothroman do Ghàidheil òga…agus mathain…agus madaidhean allaidh”.
“Tha mi an dòchas gur toil leotha beothaichean fiadhaich, sneachd a h-uile latha agus gun a bhith ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig!”
“Bidh beatha nas fheàrr aca thall an sin ged-tà, ma gheibh iad chun an dàrna samhraidh aca”.