Sgioba Cholaisde a’ Chaisteil a’ faighinn droinneadh air University Challenge

Bha Colaisde a’ Chaisteil OGE a’ nochdadh air a’ phogram ainmeil BBC “Dùbhlan nan Oilthighean” a-raoir.
Le sgioba air a dhèanamh suas le ceathrar oileanaich à Leòdhas leis an ainm Dòmhnall MacLeòid, chaidh iad an-àird an aghaidh Colaiste Chorpus Christi Cambridge (An Drochaid Cham) ach cha deach ro mhath leo a’ call leis an sgòr as ìsle ann an eachdraidh a’ phrograim
Thuirt an sgiobair Dòmhnall “Lochs” MacLeòid.”Bha sinn gu math worried nuair a bha sinn an aghaidh Corpus Christi, oir thuirt Donaidh “Bharbhais” MacLeòid gur e ainm Celtic a bha sin airson sgioba, ach fhuair iad ceistean mu dheidhinn an teaghlaich Rìoghail ceart mar sin feumaidh gu bheil iad deidheil air na Gers cuideachd”
Shaoil Dòmhnall “Lochs” nach d’ fhuair iad cothrom na fèinne idir, “Cha robh na ceistean cothromach. Cha d’ fhuair sinn eadhon aon cheist mu Peat & Diesel no Face the West, sgiobaidhean Rangers eadar 1990 agus 2015, doing laps air Ceann a’ Bhàigh, ministearan na h-Eaglaise Saoire, guga, bobban socks, Heb Memes, bàtaichean-àiseig Chalmac no prìsean chaorach. Fhios agad, na rudan a tha a’ còrdadh ri fìor Leòdhasaich.”
Thuirt Dòmhnall “Tolstaidh” MacLeòid “Bha mi air Gleusta nuair a bha mi beag, agus bha sinn uile air Dè an-nis? àm air choireigin nuair a bha sinn san sgoil, so bha mi a’ smaoineachadh gum biodh sinn alright ach bha sinn cho nearbhasach! Rinn sinn freeze a bhalaich, cha robh an cothrom agam an eòlas agam mu Bheethoven agus Genetic Engineering a chur gu feum.”
Cha robh an rud air fad cho dona ge-tà airson na Dòmhnallan, thuirt Dòmhnall “DJ Ceàrns” MacLeòid “Bha Jeremy Paxman gu math èibhinn ‘s bha e fèar dòigheil. Bha e ag iasgach anns na Hearadh uaireigin. Fhuair sinn laugh as dèidh làimh, bha e a’ magadh air Corpus Christi oir chaidh esan gu St Catherine’s College agus bha sinn a’ magadh air Sabhal Mòr oir tha sinn a dhìth misneachd mun Ghàidhlig againn fhèin mar sin tha e nas fhasa fanaid air daoine a bhios ag ionnsachadh na Gàidhlig gu àrd-ìre seach a bhith a’ feuchainn ri cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd againn fhèin.”
Ged a chaill iad 340 gu -60, Thuirt Donaidh “Bharabhais” MacLeòid “Bha mise dìreach fizzing. ‘S e fix a bh’ ann, am BBC ceart cho corrupt ris an SPFL.”