Seada sgoinneil ga thogail ann am Port Rìgh

CLkRP8TW8AAqtrn

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead a thoirt seachad airson seada uabhasach mòr a thogail ann am Port Rìgh.

Thathar an dùil gum bi rùm anns an t-seada airson co-dhiù trì lawnmowers, dà strimmer agus a’ chiad bhun-sgoil Ghàidhlig fa leth anns an eilean.

Ged a tha a’ mhòr chuid toilichte gun togar an seada, tha fhathast draghan ann mu staing sheadaichean eile anns an eilean.

Tha duine no dithis mì-thoilichte airson adhbharan eile a-rèir coltais:

“Is beag orm rudan a chòrdas le daoine no a dh’fheumas iad agus b’ fheàrr leamsa nam bitheamaid a teagaisg cànan feumail a leithid Mandarin Chinese no basket weaving san t-seada. Leis an fhìrinn innse chan eil mi idir deidheil air na planaichean, togalaichean san fharsaingeachd, daoine, rathaidean, eòin na mara no dà-chànanas am measg cloinne.”

Tha feadhainn san sgìre a’ gabhail dragh cuideachd gun tèid a’ choimhearsnachd a sgaradh agus gun cumar cogadh an aghaidh a chèile coltach ri “Mad Max: Road Warrior” mar a tha air tachairt anns a’ Ghearasdan.