Romanaich “Cuiridh an ceusadh seo stad air a’ ghnothach gun teagamh”

Bha luchd-riaghlaidh Albastine, Ìmpireachd na Roimhe, air an dòigh a-raoir nuair a rinn iad ceusadh air an eucoireach agus raidigeach cunnartach, Nicola Sturgeonus.
Thuirt an saighdear Romanach Jackius Baillius Maximus Laborius a bha os cionn a’ cheusaidh “Tha mi cinnteach gun cuir seo stad air an àr-a-mach aice gun teagamh. Tha eachdraidh ag innse dhuinn gun cuir ceusadh stad air creideamh ann an rudan neonach den leithid.”
Ars an neach-cuideachaidh aig Bojonius Bilate, Dougus Linesmanius Bullius Forrus. “Rinn sinn an dearbh rud dhan an t-saor neonach sin à Nasareth a bha sa bhaile bliadhna no dhà air ais agus cha chuala mi duine sam bith ag èigheachd càil mu dheidhinn Ìosa rium on uairsin ach nuair a nì mi tòin de cho-dhùnadh offside aig na sabaidean Gladiator.'”
Thuirt Murdophas Ben Frisealus, àrd-shagart an teampuill òrains “Mar phàirt den chùis-lagh an aghaidh Sturgeonus, chuir sinn i air beulaibh nam Wingeach anns a’ bhaile agus bha iad uile ag èigheachd “Saor dhuinn Barrabadalexxus” agus bha sinn toilichte sin a dhèanamh. Ged a bha sinn a’ smaoineachadh gur e droch dhuine a bh’ ann fhèin fad bhliadhnaichean, tha sinn a-nis a’ cur suim mhòr anns a h-uile fianais aige a-nis agus mar sin chuir sinn romham Nicolademus a cheusadh.”
Ach ag ràdh sin, tha aithisgean ann gu bheil luchd-leantainn Sturgeoneus a’ dol am meud, agus tha feum aig na deisceobalan aice feuchainn ri càirtean ballrachd a thoirt do còrr is 5000 daoine le dìreach còig lofaichean agus dà iasg bheag. Tha iad air fios a chur gu Naomh Ceit Fhoirbeis faighneach a bheil i eòlach air cuideigin a nì sinn dhaibh.