Newsflash | Loidhne a’ Bhàr aig a’ Ghathering air tighinn gu crìoch!
0846 – Diluain
Aig cairteal gu ochd madainn Diluain, chaidh an deoch mu dheireadh aig The Gathering ann an Inbhir Nis a reic ri Dale MacAonghais à Uibhist a Deas.
Bha an Daily Gael an lathair airson an tachartais eachdraidheil seo le loidhnichean a’ sìneadh air ais fad mhìltean fad na deiereadh-sheachdain. Thuirt am fear Deasach “Abair queue! Bha an craic math ach bha e caran sgràthail a bhith anns an loidhne airson dà fhichead uair a thìde. Cha robh dad air fhàgail ach gin agus raspberry juice. Chan fhaca mi na caraidean agam o uair Disathairne,”
Ged a bha an fhèis seachad agus dh’fheumadh Dale lioft fhaighinn air ais a Mhalaig airson a’ bàt’-aiseig còmhla ri antaidh a chèile aig deich uairean, thuirt e “Cheannaich mi ochd-deug doubles o chionn ’s nach robh mi ag iarraidh a bhith anns a’ queue a-rithist– thàinig sin gu £250 ach ’s fhiach e. Chan eil Peat & Diesel air a dhol air an àrd-urlair fhathast ged-tha! Yes a bhalaich!”