Mr Potato Head ag atharrachadh ainm gu Mgr Buntàta Ceann

Tha an companaidh dheideagan agus fertiliser “Harbro” air innse gum bi iad a’ toirt ainm ùr air an t-seann deideag, Mr Potato Head.
“Gu dearbh” ars neach-labhairt aig a’ chompanaidh “S ann à Uibhist a Tuath a thàinig teaghlach Mr Potato Head bho thùs mar sin shaoil sinn gum bu chòir dhuinn modhan latha an-diugh a chomharrachadh agus beagan sanasachd an-asgaidh le bhith a’ toirt ainm Gàidhlig dha.”
Bha mòran dhaoine air na meadhanan sòisealta toilichte “Gaol is gaol agus buntàta is buntàta” ars Debbie, a tha air Ìre a dhà de DuoLingo.
Ach ‘s e a’ Ghàidhlig cheart airson Potato Head “Ceann Buntàta” agus chan eil gach neach toilichte
“Mo chreach m’ eudail, an do chleachd iad google translate a-mhàin – sguir a bhith a’ cleachdadh mo chultair airson buntàtaichean plastaig a reic.” ars twittaire Gàidhlig Bleideagan77
“Tha Coimhearsnachd na Gàidhlig fhathast a’ fulang gu mòr le buaidh brat-dorais ‘Dachaigh Fàilte’ aig Lidl – tha droch ghramar gan triggearadh gu mòr.” ars an eolaiche is acadaimigeach An t-Ollamh Uinnean D. Curran.
Bha deagh naidheachd eile ann nuair a thuirt Pixar gum biodh Mgr Buntàta Ceann a’ nochdadh ann an Toy Story 5 còmhla ris an teadaidh Gàidhlig Babog.
Update dhan sgeulachd – Tha Harbro air ainmeachadh gum bi gach Mr Potato Head ùr ga chur a-mach mar Mgr Ceann Buntàta – “Dh’èist sinn ris na beachdan aig na h-inbhich a thug an ùine a bhith gu math fiadhaich mu dheideag chloinne agus tha sinn cho toilichte an gramar a chur ceart.”
”Bidh sinn cuideachd ga ainmeachadh “Mgr Ceann Buntàta Mac Buntàta ‘ic Sheonaidh Eosag ‘ic Buntàta Eosag airson muinntir Cheap Bhreatainn.”