Mòd: Ìre-reic Drambuie air a dhol suas corr is 8,000,000%
Tha seachdain air leth soirbheachail air a bhith aig luchd-reic Drambuie ann an Dùn Omhainn agus corr agus 9,034,765 botail gan reic madainn an-dè anns a’ Cho-operative a-mhàin.
Ann an naidheachd eile aig nach eil gnothach sam bith ri deoch làidir is dìbhearsan tha am Mòd Nàideanta Rìoghail a’ toiseachadh an-diugh anns a’ bhaile – cruinneachadh de Ghàidheil ciallach, seasmhach agus sòbair.
“Feumaidh gur e an slogan ùr a dh’adhbharaich am fàs fortanach a tha seo” thuirt Neach-Labhairt Drambuie Anna Nic an Drama.
“Tha Glayva glè mhath ach tha Drambuie nas buidhe”.