Mìos dheth a’ Còrdadh ri Nick Clegg (Bilingual)
Tha mìos far obair ris nach robh e an dùil a’ fìor chòrdadh ri Nick Clegg:
“Tha a h-uile duine sa phàrlamaid air am beò-ghlacadh leis an taghadh choitcheann ach tha mise a’ dol a ghabhail a h-uile cothroim gun a bhith a’ gabhail gnothach leis” ars Clegg.
“Choimhead mi fhìn is mo bhean Avengers 2 a-raoir. Abair gur e deagh fhiolm a bh’ ann! Nas fheàrr na a bhith aig na hustings co-dhiù.”
Feumaidh mi fhathast balla aghaidh an taighe a pheantadh feasgar agus tha sinn an uair sin a’ falbh gu Centerparcs airson trì lathaichean de Chlegg agus Clegg a-mhàin.
Ach! Chan eil sin ri ràdh nach eil planaichean mòra agam airson cor na mìosa. Tha mo chàirdean air a bhith a’ moladh “Breaking Bad” agus tha mi airson faighinn a-mach dè buileach a th’ ann an Snapchat.
Phònaig mi gu Vince Cable an oidhche reimhid ach cha do thog e am fòn. Feumaidh gu bheil cùisean a’ dol mar a dh’iarramaid! Tha am partaidh gu lèir air a bhith cho snog leigeil leam falbh airson mìos. Tha fhios gun robh sin duilich dhaibh ach tuigidh iad gu bheil Ceannard nan Libearalach an-còmhnaidh trang fiù ‘s nuair nach eil fhios aig duine cà bheil e! .
Agus feumaidh a h-uile duine beagan ùine dhaibh fhèin gu h-àraid ann an teis-meadhan taghaidh choitchinn.
Nick Clegg Enjoying Unexpected Month off
Nick Clegg is really enjoying a totally unexpected month off work.
“Everyone in parliament is going radge about this general election business but I’m going to keep my distance” says Clegg.
“Last night I watched Avengers 2 and it was fucking awesome. Much better than being at the hustings”.
“I’ve still got to paint the front of the house this afternoon, then we are all heading off to Centerparcs for some serious Cleggtime”.
“That isn’t to say though that I don’t have big plans for the rest of the month. My friends have been nagging me to watch breaking bad and I’ve yet to find out what Snapchat is.”
I tried phoning Vince Cable last night but no luck so I assume everything is going brilliant. It was really good of all the guys in the party to give me the month off but they know fine well that the leader of the Lib Dems is always busy even when nobody knows where he is!
Everyone needs a bit of me time, you know? Especially in the middle of a general election.