Katrìona Karlabhaigh a’ toirt A’ Kumail Suas ris na Karlabhaighians gu crìch

Tha an rionnag TBh-fireantachd, Katrìona Karlabhaigh air a ràdh gum bi an sreath seo de A’ Kumail Suas ris na Karlabhaighians an sreath mu dheireadh.
Tha sreath seo a tha air nochdadh air BBC Alba gu cunbhalach o thòisich an sianal ann an 2008. Bhiodh e a’ leantainn beatha Katrìona is a teaghlach cho fad ‘s gun robh iad a-mach tron bheatha aca ann an Karlabhagh agus a’ seinn ann an Koisir Kharlabhaigh aig a’ Mhòd.
Bha Katrìona air cliù fhaighinn o bhideo caran doidsidh a chaidh a chlàradh aig cùl an seann taigh-òsta ‘The Clachan’ ann an Steòrnabhagh mu 2006 ach bha i air mòran obair a dhèanamh agu math luath thòisich am program a’ taladh luchd-amhairc mòr gu BBC Alba, a’ dèanamh buileach nas fheàrr na craolaidhean de Dùn Pharlain V An Eaglais Bhreac sa bhall-coise.
Aig an toiseach, bha am program a’ toirt sùil a-mhàin air Katrìona agus a peathraichean Karistìona agus Kaluimina ach an uairsin, bha sùil an t-sreatha a’ sineadh a-mach gu a màthair Kiorstag, a ceile phòsta Donnchadh Mac an Dìnneir (a-nis Korrie Nic an Dìnneir), agus a’ chlann acasan Kenina is Keitidh.
Bha Kenina is Keitidh sa sgoil-àraich nuair a thòisich an sreath ach tha iad a-nis a-measg na Gàidheil òga as ainmeile nach bi a’ bodraigeadh Gàidhlig a chleachdadh ach airson nochdadh air TBh.
Uile gu lèir, chaidh 103 episodes den phrogram a chraoladh, ach le ath-chraoladh, nochd am program air BBC Alba 24,567 tursan. Tha muinntir Karlabhaigh glè ainmeil airson a bhith a’ fàs nas coltaiche gach uair a bhios tu gam faicinn.
Tha Katrìona a-nis a-measg an fheadhainn as ainmeile air Instagram na Gàidhlig le còrr is mìle luchd-leantainn air a’ chunntas aice. Tha i cuideachd air a bhith ag impis airson còraichean do chroitearan mun ionaltradh choitcheann ann an iomadh baile ann an Leòdhas.
Tha Katrìona a-nis ag iarraidh gluasad gu bhith na neach-lagha croitearachd mar a rinn athair Murchadh Karlabhaigh nach maireann, a bha air a chluich le David Schwimmer san t-sreath TBH BBC Alba Na Daoine V DJ MacShimidh.