Iomairt gus a’ Ghàidhlig a chur air PornHub

As dèidh dha iomairt a chur air dòigh gus Gàidhlig a chur air an App ionnsachadh cànain Duolingo, tha Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a-nis ag amas air fear de na làraich-lìn as motha san t-saoghal, PornHub.

Tha iomadh cànan ri fhaotainn air eadar Gearmailtis, Thai is cànan nan Klingon bho Star Trek. Ach chan eil sgeul air Gàidhlig na h-Alba air an làrach dhrabastach.

“Tha e furasta fhaicinn gu bheil mòran dhaoine a’ toirt tlachd às an leithid de làraich-lìn agus chuirinn fàilte bhlàth air goireas den leithid nuair a bha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig. (Ged a tha mi fileanta, agus chan eil feum agam air tuilleadh.)

“Nam biòdh Gàidhlig na h-Alba ri fhaotainn air PornHub bheireadh e spionnadh do dh’ìomhaigh a’ chànain agus a sgaoileadh do choimhearsnachd mhòr ùr de luchd-ionnsachaidh, diaspora nan Gàidheal nam measg, air feadh an t-saoghail.”

A’ bruidhinn air cuid den chonnspaid timcheall air taic-airgid dhan chànan o chionn ghoirid, thuirt Mgr Allan. “Tha mi a’ smaoineachadh gum bi Porn h-Ùb math cuideachd airson an uiread de wankers a tha an aghaidh na Gàidhlig an-dràsta a thaladh dhan chànan.