Faighneachd do dh’Oighrig

old woman

Trioblaid le gaol? Is Oighrig auntie mhòr don Ghàidhealtachd air fad. Feuch an urrainn dhi do chuideachadh?

Dolina, Sgìre a’ Bhac

Oighrig a ghaoil, nuair a’ phòs sinn bha mi fhìn is an duine agam cho dlùth ‘s a tha bàirneach ri stac na mara ach a-nis cha mhòr nach bruidhinn e idir rium. Gu dè a nì mi leis?

Oighrig

Thoir dha truinnsear làn sgadain, buntàta agus ìm. Ma tha e fhathast gad dhiùltadh thoir dha barrachd ima is salann. Feumaidh duine sgadan. 

love

Dòmhnall, Gleann Dail

Oighrig m’ eudail! Chaidh mo bhean dhan Spàinn còmhla ri fear òg ris an do thachair i ann an Dobbies Garden Centre. Tha i ag ràdh nach eil dad a’ dol eadarra ach tha i a-nis deich bliadhna gun tilleadh agus tha mi a’ faicinn air Facebook gu bheil iad a-nis pòsta is clann aca! Gu dè a nì mi?

Oighrig

Feumaidh tu na a tha a dhìth na beatha a shealltainn dhi.

Tha marag-dhubh aca san Spàinn nach eil idir cho math ri maraig Ghleann Dail. Ma chuireas tu dealbh de mharag cheart air Facebook cha bhi i fada gun tilleadh. Feumaidh Boireannach Marag.

Faodaidh tu fhèin ceist a chur air an aunt mhòir uair sam bith @ dailygael@gmail.com