Eardsaidh Ailig agus Iseabail a’ dèanamh hash brownies air Disasta no Blasta?

Tha Eardsaidh Ailig agus Iseabail Murchison o clas a trì agus ceithir aig Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air bhideo a dhèanamh airson sreath Instagram Disasta no Blasta?

Anns a’ bhideo, tha iad a’ sealltainn dhuinn mar a nithear deagh hash brownie a tha gluten free agus nach eil a’ cleachdadh siùcar geal.

“Tha sinne a’ dol a dhèanamh brownieathan canaib” ars Iseabail

“Seall, tha sinne a’ cleachdadh bananathan!” ars Eardsaidh Ailig

“Feumaidh sinne an canaib againn a leaghadh anns an ìm” ars Iseabail

“Boinneag bheag de vanilla essence!!!!” ars Eardsaidh Ailig

“Cuir dhan amhainn iad airson trithead mionaidean” ars Iseabail

“Nì iad am mamaidh againn acrach ach ithidh i iad air fad cuideachd” ars Eardsaidh Ailig

“MMMMM, tha iad milis.” ars Iseabail

“Hahahahahahahahahahahahaha” ars Eardsaidh Ailig

“Dude, càit a bheil an specific grant?” ars Iseabail

“Blasta” ars an dithis.