Dr. Who a’ Moladh “Surcharge” eileanach

drw

Tha Dr. Who air connspaid mhòr a thogail is e ag ràdh nach urrainn dha ar sàbhaladh anns na h-eileanan mura pàigh sinn beagan airgid a bharrachd.

“Is e cùis dhomhainn a tha seo” arsa an 12mh Dotair “ach chan fhaic mi fuasgladh eile.”

“Bhruidhinn mi le mo chàirdean ann an Homebase agus `s ann mar seo a tha e ag obair dhaibhsan. Ma gheibh sibh cidsin ùr ann am Barraigh bidh thu a’ pàigheadh rud beag a bharrachd agus a-nis mura h-eil thu airson gun tèid do mharbhadh le na Daleks, na Cyberman is eile feumaidh tu beagan a bharrachd a phàigheadh airson sin!”

“Feumaidh sibh tuigsinn gu bheil barrachd chosgaisean an lùib a bhith a’ sàbhaladh cuideigin anns an Eilean Sgitheanach na air taobh eile na drochaid ann an Caol Loch Aillse. Peatrail agus uh… siubhal… biadh ‘s dòcha”.

Chan eil na h-Ealanaich uile toilichte le molaidhean ùra an Dotair ged-tà:

“`S e briseadh dùil a tha seo” arsa Coinnich MacCarmaig à Heasta “ach tha mise gam chur air adhart fhèin airson obair an dotair”.

“Fhuair mi lorg air bogsa-fòn dearg sa ghàrradh agus dh’ iarr mi air Seumas mo charaid a dhèanamh suas rud beag”.

Chan fheum e ach steall peant gorm agus “Warpcore Infinity Drive” mar a bh’ aig na Timelords ann an Gallifrey mun deach am planaid aca a sgrios.

“`S e Dotair Cò a bheir iad orm agus cha bhodraig na Daleks na Sgitheanaich fhad’ s a tha mise a-bhos an seo!”

“Is comma leam Uibhist is na Hearadh ged-tà. Tha sin ro fhada air falbh.”