Dòmhnall Iain a’ cur dheth turas-stàite gu Leòdhas as dèidh ùpraid mu cheannach croit.
Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte Dòmhnall Trump air bus a ghabhail uair eile mu dheidhinn còraichean fearainn ann am baile far an robh e a’ feuchainn ri beagan talmhainn a cheannach airson Trump Tower ùr.
Bha e air aithris air Fox News gun robh ùidh aig Dòmhnall Iain Trump ann a bhith a’ ceannach croit air ais ann an Leòdhas, an t-eilean màthaireil aige, anns a’ bhaile bheag chroitearachd Carlobost.
Ach cha d’ fhuair e mòran fàilte on chroitear aig an robh a’ chroit san robh sùil aige, Ruairidh ‘Maragan’ MacIlleinein a dh’inns gun robh e ‘do-chreidte’ agus ‘nach biodh e airson but den ionaltradh aige air cùl a’ bhaile a chall.”
Tha e follaiseach gun do ghabh an t-Àird Thrumpach seo air an t-sròn agus chuir e a-mach tweet ag radh gun robh an turas-stàite a bha ga chur air dòigh airson cruach-mona a thogail dheth.
Bidh seo na bhriseadh-dùil gu mòran oir bha dùil gum biodh D.I. mu dheireadh thall a’ nochdadh ann an “unique” MG Alba crossover eile “Celebrity Apprentice Air An Lot” còmhla ri Sweeney agus Cathy Bhàn.