Croitear a’ dol a chàradh Drochaid Foirthe
Tha riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air croitear às an Eilean Sgitheanach an Drochaid Foirfe a chàradh dhaibh.
Thog Seumas MacÌobhair a’ chiad drochaid aige nuair nach robh e ach ceithir bliadhna a dh’ aois a’ cleachdadh clòimh nan caora agus Polyfilla a ghoid e bho athair.
“`S e sin a-nis Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus chan eil fhios aig mòran gur mise a rinn i” ars Seumas.
Chuir sinn a’ cheist air, dè an dòigh as fheàrr airson drochaidean a chàradh?
“Feumaidh tu a dhol ann leat fhèin an toiseach agus drama beag a ghabhail agus èisteachd ris an drochaid.”
Fannaibh an uair sin trì no ceithir seachdainean gus an till thu còmhla ri caraid agus drama beag a ghabhail agus èisteachd ris an drochaid”.
“An uair sin bidh thu a’ fònadh gu d’uncail a bha ag obair anns an Nèibhidh agus nuair nach tog e am fòn feuch thus’ am Polyfilla agus an teip a chur ris.”
“Tha càradh drochaide gu math coltach ri a bhith a’ togail taigh-chearc a dh’ aoindeoin ‘s gu bheil i 2.5km de dh’fhaid agus nach tèid cearcan na broinn.”