Connspaid mu dheidhinn Idris Elba a’ cluich Kirsty bho Machair
Tha connspaid air spreadhadh air loidhne mu aithrisean gu bheil an cleasaiche ainmeil Idris Elba airson pàirt fhaighinn ann am Machair: An Ath Ghìnealach, an sreath ùr Dràma a tha an amharc aig BBC Alba.
Tha Elba, a nochd ann an sreathan telebhisean leithid Luther agus na filmichean cliùiteach Thor, riamh air ùidh a nochdadh anns an t-sreath shiabannach o na naochadan, ach ‘s e am pàirt a bha e ag iarraidh a tha air caise a chur air feadhainn san Twittersphere.
‘S e as còireach gu bheil e coltach gu bheil Idris airson Kirsty a chluich. Cha do dhearbh Elba gun robh e a’ dol a dh’imrich a Chrobost, ach chuir e post air Instagram leis an taigh o Mhachair ag ràdh “Dè a-nis?”, am prògram-cloinne a rinn Evelyn Coull, a chluich Kirsty sa chiad shreath, as dèidh dhi Machair fhàgail.
Bha coimhearsnachd luchd-leantainn Machair air an sgaradh ann an dà leth. Bha feadhainn gu d… gu mòr na aghaidh:
“Chan e gu bheil e dubh, no gu bheil e na fhear ach gur e pàirt chudromach a th’ ann an Kirsty nach robh e air a sgrìobhadh mar sin o thùs le Peter May.” Thuirt neach-cleachdaidh @Seonaidh1473
“Tha mòran spèis agam ri Mgr Elba ach tha mi a’ smaoineachadh gur e cùis-naire a tha seo gu bheil e a’ goid role cho cudromach air falbh o bhoireannach” ars @MVFemiGael_81
Ach air an làimh eile thuirt @TonyKearneyFanzone
“Fàilte chridheil ort Stringer Bell do Shaoghal na Gàidhlig! Abair catch airson nan Gàidheal!”
agus chuir Chris Hemsworth, a nochd ann an Thor còmhla ris beachd air a’ phost insta aige; “Deagh naidheachd bro. Lets have a rager in Era but we’ll leave RDJ aig baile. #MCU10.”
Bidh an connspaid seo a’ leantainn gu cìnnteach.
Dè na beachdan agaibh pèin?