Colaisde a’ Chaisteil a’ freagairt ri Eilean a’ Ghaoil SMO le Sanas ‘Swingers Island’

Tha Colaisde a’ Chaistel OGE air freagairt ri sanas-reice a rinn an co-obraichean aig Sabhal Mòr Ostaig a bha a’ sanasachd airson farpaisichean airson ‘sreath ùr’ de ‘Eilean a’ Ghaoil’ aig SMO le sanas aca fhèin a’ maoladh gur ann an Leòdhas a bhios an cothrom do chàraid càraid eile a lorg airson ‘seògadh’ no ‘swinging’ mar a chanas iad.
Thuirt neach-labhairt na colaisde – “Tha an sanas air a dhèanamh glè mhath mu thràth le iarrtasan airson àiteachan air na cùrsaichean Gàidhlig againn air a dhol an àird gu naoinear no deichnear.”
Chuir an DG ceist orra an robh an seòrs de chainnt seo iomchaidh ann an sanas-reice? “‘S e deagh fhacal Leòdhasach a th’ ann. Nach eil am facal seògadh againne a’ toirt dhuinn am facal doggadh, no dogging sa Bheurla? Dh’atharraich fuaim aig tòiseach den fhacal oir bhiodh daoine ag ràdh san seann laithean air a’ Bhac. “Dè tha Calum Iain ris? Oh, tha e fèir ris an t-seògadh.'”
Lean e air “Bhitheadh e dìreach iongantach nam bitheadh na daoine a’ tighinn an-sheo a’ faighinn blasad ceart air a’ Ghàidhlig cheart Leòdhasach agus a’ gabhail a’ chothruim eòlas a chur air càraid phòsta eile aig an aon àm. ‘S e coimhearsnachd làidir a th’ ann an coimhearsnachd an t-seògaidh agus bidh e a’ cur gu mòr a’ Ghàidhlig san eilean.”
Thug e slaic aig muinntir an t-Sabhail Mhòir cuideachd “Cha robh iad airson aideachadh dhan luchd-iarrtais gum biodh tu stuc leis ge b’ e dè oinseach no amadan a bha thu air rideadh anns a’ chiad sheachdain agus inneal nan litrichean Frangach ann an Àrainn Ostaig briste. Co-dhiù, gheibh iad thu tro geamhradh dorch no dhà mus dealaich sibh ach cha bhi guth air gaol aig a’ cheann thall. Foghnaidh na dh’fhoghnas, ‘s fheàrride dhuibh ur slìghe a dhèanamh a Steòrnabhagh, bidh ar bobhla a’ dèanamh fiughar ri bhur n-iuchraichean!”