Chromebook Chaluim Iain loma-làn phòrno as dèidh an t-samhraidh
Nuair a dh’fhàg Calum Iain MacPhàrlain an àrd-sgoil sa Chèitean, cha robh e an dùil gum biodh e air ais a-chaoidh.
Ach leis nach tug e air ais an Google Chromebook aige mus do dh’fhàg e, tha feum aige a dhol a-staigh a-màireach agus tha iomagain mhòr air an fhear òg a tha a-nis air preantasachd a thòiseachadh le MacAulay Builders.
An duilgheadas? Tha Calum Iain air an t-samhradh a chosg a’ coimhead air an liuthad drabastachd air a’ chromebook san t-seòmar aige gun a bhith a’ smaoineachadh gum biodh aige ri a thoirt air ais.
Dh’inns CI dhan Daily Gaell “Bha mi an dòchas gun robh mi air faighinn às leis agus fhuair Darren deagh phrìs air an fhear aigesan aig Commercial Exchange ann an Inbhir Nis mus do dh’fhalbh e air a’ bhliadhna thall thairis.”
“Ach bha mo thidsear-stiùiridh, a’ bhean NicLeòid, air a’ blower an latha eile, agus chan eil mi a’ ciallachadh san dòigh a b’ fheàrr leam (Tha mi garbh deidheil air a’ phòrno chougar ud) agus dh’inns i dha m’ athair gun robh iad ag iarraidh a h-uile fear ga thilleadh airson an fheadhainn ùr air a’ chiad bhliadhna!”
Dh’fhà e gu math follaiseach nach robh Calum Iain ro mhath air sgilean coimpiutaireachd ged a bha an Chromebook air a bhith aige fad bliadhna. “Tha mi air a bhith a’ feuchainn ris an rud a ghlanadh, ach e a’ cur thairis le bhiorasan is eile, agus popups airson pòrno. Chan eil fhios agam dè nì mi! Dè? An do chleachd mi Incognito mode? Dè fon ghrèin? Ò? Ò!”