Ceannard ùr don Phàrtaidh Làbarach?
Seo ar beachd air cò a bhios as cionn nan Làbarach às dèidh do dh’Ed Miliband an obair a leigeil dheth.
Chuka Umunna:
Mu dheidhinn – Tha Chuka Umunna à Lunnainn a deas air a bhith na rùnaire gnothachais sa phàrtaidh Làbarach o 2011. Tha coltas gu math spaideil air.
Neartan – Coltas gu math spaideil
Laigsean – Ro spaideil do fheadhainn
Vladamir Lenin:
Mu dheidhinn – Ceannard an Aonaidh Sobhait nach maireann. Bha coltas gu math spaideil air na làithean.
Neartan – Feusag, glic
Laigsean – Marbh, co-mhaoineach
Dàibhidh Camshron:
Mu dheidhinn – Prìomh-mhinisteir agus ceannard nan Toraidhean. Tha Dàibhidh gu math beartach. Is toil leis a dhol a-mach a’ ruith, West Ham agus Aston Villa.
Neartan – An guth ceart, na Phrìomh-mhinisteir mar-thà
Laigsean – Olc, Tòraidh