Ceannard Partaidh Uaine air fhaicinn a’ Frackadh sa Ghàrradh
Chaidh ceannard a’ Phartaidh Uaine ann an Alba fhaicinn Oidhche Shathairne seo chaidh, 200 meatair fo thalamh a ghàrraidh a’ sùghadh 1.4 muilnean tunna de ghas a-steach gu tancair mòr le “Fracked Gas” sgrìobhte air.
Bha Patrick Harvie BPA gu math luath mìneachadh a thoirt seachad airson an tachartais àraid seo:
“Tha sinne anns a’ Phartaidh Uaine gu tùr an aghaidh fracking. Chan e sin a bha a’ dol air adhart an seo idir idir!”
“Innsidh mi dhuibh dè thachair! Bha mi sa ghàrradh a’ cur uisge air na flùraichean agus a’ gabhail mo chuairt am measg nan craobhan nuair a thachair mi air innleachd fracking luach iomadh muilnean not ri taobh an t-seada.
Chuir e eagal mo bheatha orm! Feumaidh gun do fhàg companaidh mòr ola ann an sin e a leithid BP no Exxon air an rathad dhachaigh tron ghàrradh! Leisgeadairean!
“Co dhiù, an uairsin, thuit mi dà cheud meatair fon talamh agus thoisich an t-inneal olc a bha siud a’ frackadh leis fhèin! Bha aodaich-obrach dìonach a tha riatanach airson frackadh orm mar-thà leis gun robh mi a’ dol gu protest fancy dress.
“Bha mi cho feargach is gun robh agam ri fuireach an sin airson trì lathaichean gam shocrachadh agus a’ lorg dòigh cuidhteas fhaighinn dheth. Mu dheireadh thall fhuair mi lorg air companaidh ann an Bhenezuela a bha deònach an t-inneal agus an gas a thoirt air falbh airson suim bheag de £174,000,000.
“’S e cùis nàire a th’ ann am fracking do dh’Alba agus dhan ghàrradh agam fhìn.”