Bùrach ‘s iomagain leis na cnuic a’ coinneachadh far an coinnich na daoine
Bha troimh-chèile agus bùrach ann Didomhnaich agus nuair a nochd grunn mhath de bheanntan na h-Alba aig an Taigh-òsta Rìoghail ann an Obar Pheallaidh ag iarraidh deoch làidir.
Chuir seo iongnadh air an dà chuid, sreapadairean a bha air nochdadh san sgire airson na beanntan a shreap ach cuideachd eòlaichean na Gàidhlig a bha a’ cur suim anns an t-seanfhacal “coinnichidh na daoine far nach coinnich na cnuic.” Ach a-rèir coltais, bha deagh àm aig na cnuic fhèin.
“Cò shaoileadh e?” Thuirt Meall nan Tarmachan nuair a bha e a’ gabhail pinnt aig a’ bhàr. “Bha mi fhìn, Beinn Labhair agus fear no dhà de na Corbetts a’ smaoineachadh gum biodh deagh phloigh ann splaoid a ghabhail leis cho math ‘s a tha an t-sìde air a bhith.”
“Cothrom math airson beagan fois” thuirt Beinn Labhair. “Tha mo dhruim goirt leis an uimhir de Shasannaich a tha air a bhith a’ coiseachd orm fad an t-Samhraidh. Cha d’fhuair mi cus faochadh ge-tà, bha an taigh-òsta làn dhiubh a’ coimhead air a’ ghèam an aghaidh Phanama.”
Dh’fhàs cùisean caran doirbh sa bhaile nuair a nochd Sìdh Chaillean agus bha fearg oirre nach robh Magners air fhàgail. “B’fheudar dhomh an leann sin a tha air ainmeachadh as mo dhèidh òl. Iochd, bha e diabhailt!” ars ise.
Thuirt Clive Wilmington am fear aig an robh an taigh-òsta. “Chan eil mi airson duine sam bith a thionndadh air falbh, ach ‘s e an trioblaid a th’ ann gu bheil na beanntan cho mòr nach eil rùm gu leòr anns an taigh-òsta airson moran luchd-ceannaich eile. Chuala mi mun bheinn a’ tighinn gu Mohamed ach cha robh esan a’ ruith taigh-seinnse.”
“Cha robh riamh seanfhacal Gàidhlig cearr, mar sin tha dragh oirnn gun tig crìoch air an t-saoghal agus cha mhair gaol agus ceòl.” thuirt neach-labhairt o Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Eideann.