Trump a’ gluasad tosgaireachd nan SA dhan Àth Leathann

Tha luchd dioplomasach air feadh an t-saoghail ag obair gu cruaidh gus an co-dhùnadh connspaideach as ùire aig Dòmhnall Iain Trump a lughdachadh.

Thathar an dùil gun can Ceann–suidhe nan Stàitean Aonaichte  an-diugh gum bi An t-Àth Leathann ga aithneachadh mar phrìomh–bhaile an Eilein Sgitheanaich. Bha an Trumpach tric a’ gealltainn gun dèanadh an leithid cho fad ’s gun robh e ag iomairt an aghaidh Hillary Clinton an-uiridh.

Tha dùthchannan eile air rabhadh a thoirt seachad gun dèan an co-dhùnadh connspaideach seo cron air iomairtean sìthe anns an Eilean, gu h-àraidh le connspaid a thaobh far an togar ospadal ùr aig bàrr.

Tha muinntir a’ Chinn a Tuath ag iarraidh ospadal neo-eisimileach anns a’ phrìomh-bhaile eachdraidheil aca, Port Rìgh, agus tha dùthchannan eile mar a’ Pholainn, Siona agus Uibhist a Tuath a’ cumail an tosgaireachdan anns a’ bhaile sin.

“Tha seo na bhuille-bhàis don dh’iomairt airson dà ospadal a bhith ann.” ars neach-gairm bho NHS-PLO, a’ bhuidheann a bhios a’ ruith iomairt an aghaidh smachd a’ Chinn-a-Deas, “Tha an Trumpach air teine a chur nach tèid smaladh.”

Thuirt neach-gairm on Taigh Gheal “Tha an ceann-suidhe den bheachd nach eil sinn ach a’ taisbeanadh na tha dol co-dhiù air an talamh.  Sin far am bi am t-ospadal agus sin far am faigh thu peatroil fad ceithir uairean air fhichead, gu praitigeach, ’s e an t-Ath Leathann prìomh-bhaile an Eilein a th’ ann mu thràth.”

Cha ghluais an tosgaireachd sa bhad ge-tà, leis nach àite freagarrach ann airson tosgaireachd ùr a thogail fhathast. Ghabh e fhèin ri Twitter airson stait nan togalaichean anns an Àth Leathann a chaineadh:

 

A bheil thu nad thraill fo bhuaidh na h-impireachd? No speako del Gaelico? Leugh an t-artagail seo sa Bheurla an-se0