Teaghlach rìoghail a’ Cur Fàilte air Baby Donnchadh
Tha an Diùc agus Ban-diùc Chambridge air ainm a thaghadh airson an nighinn aca is i air a h-ainmeachadh air Donnchadh Mòr agus bha bliadhnaichean ag obair ann an garaids Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach.
`S e Donnchadh Charlotte a thug iad air a’ Bhèibidh mar chuimhneachan air Donnchadh a dh’ aindeoin is gum mair e fhathast agus gur e nighean bheag a th’ innte.
Fhuair an Daily Gael facal air Donnchadh fhèin:
“Feumaidh mi aideachadh a chàirdean gun do chuir seo beagan ioghnaidh orm”.
“Ged nach aithne dhomh Wills no Kate tha mi uabhasach pròiseil gun d’ fhuair am pàiste m’ ainm is e na ainm math don dà chuid; fir agus mnathan”.
Tha an teaghlach rìoghail gu lèir riaraichte leis an ainm:
“Gu dearbh, tha Donnchadh airidh air seo,`s e duine gasta a th’ann” ars a’ Bhan-righ Ealasaid. “Cùm ort a Dhonnchaidh, is tu tha math!”