Sgaradh eile agus Eaglais Kanye West Shaor Leantainneach air tòiseachadh

Tha Kanye West air a bhith a’ nochdadh fianais o chionn goirid gu bheil e gu daingeann na Chrìosdaidh leis na seirbhisean Sàboind aige a’ tarraing nam mìltean de dhaoine agus an clàr ùr aige ‘Jesus is King’ air bàrr anns na clàran-ciùil an-dràsta.

Ach mar a tha dualtach a bhith a’ tachairt ann an eaglaisean den leithid, tha sgaradh air tighinn agus an Eaglais Kanye West Shaor Leantainneach air tòiseachadh. Tha an ath-leasachadh seo air tighinn air sgàth deasbadan mu dheidhinn dhòighean rapaireachd san eaglais ùr.

Ars riochdaire o choithional na h-eaglaise ùire, Dòmhnall Mhurchaidh “Tha sinn garbh duilich nach urrainn dhuinn a bhith còmhla ri ar bràithrean agus peathraichean ann an Eaglais Kanye tuilleadh ach tha sinn a’ creidsinn gu mòr gum bu chòir rap mar seo a bhith acappella agus gum bi gach rud na fhreestyle gus ath-aithris faoin a sheachnadh.”

‘S e seo an easaontachd as motha sa chreideamh on a sgar Kanye fhèin bho Eaglais Jay-Z agus Beyoncé o chionn grèis.