Seòrsa Buidhe ùr aig Muinntir na Gàidhealtachd
Tha muinntir na Gàidhealtachd air diofar seòrsa de bhuidhe a thaghadh airson na Gàidhealtachd san taghadh choitcheann 2015.
“Tha sinn uile seach searbh sgìth den t-seòrsa buidhe a bha na Lib Demaich a’ tabhainn ach tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri còig bliadhna de sheòrsa buidhe eile a tha gu math coltach ris.”
“Chan fhaic mi dathan agus mar sin cha do bhot mise idir” ars Tormad Iain à Cairinis.
“Cha do bhot mise airson nan Labarrach. Tha dearg a’ cur fearg nam chuimhe” ars Dòmnall Kemp à Inbhir Nis.
“Cha do bhot mi airson nan Tories nas motha. Tha gorm a’ cur bròn nam chuimhe.”
“Cha do bhot mi airson a’ phartaidh uaine air sgath is gur toil leam feòil ithe.”
“Cha d’fhuair UKIP mo bhot nas motha. Tha sinn uile gu math racist an seo ach feumaidh tu do racism a chumail aig an dachaigh no am measg dlùth-charaidean.”
“Agus cha do bhot mi airson Danny Alexander airson is nach e fìor-amadan a th’ annam gun eanchainn a tha ag iarraidh a bheatha a mhilleadh.”