Seonag Phalt-ì-ò-row – “Dh’ith mi marag tìr-mhòr agus irn-bru ùr gach dara oidhche san lockdown”

Tha guru dòigh beatha Innse Gall, Seonag Phalt-ì-ò-row air innse nach robh i cho dìleas dhan dòigh-bheatha fhallainn Ghàidhealach aice.
Tha Seonag air a bhith a’ ruith làrach-lìn dòigh-beatha Soop às an cyber-chroit aice ann an Airidh Bhruaich fad deich bliadhna, a’ reic rudan leithid fàdan moine le cùbhraidh an fhaighein aice, deideagan feise ann an cumadh a’ Chliseam agus blogaichean mu dheidhinn cho fallainn sa tha daidheat de feamainn agus marag dhubh à Cross Stores.
Ach ann am post air Soop a-raoir thuirt Seonag “Ochan ì, ochan ì, ‘s mòr mo mhulad gun robh mi a’ gèilleadh ‘s a gabhail marag dhubh a cheannaich mi ann an Tesco à Burnley no rudeigin mar siud – agus cha robh dad na b’ fheàrr dhomh airson a glanadh sìos ach Irn Bru ùr.”
“Cha bu chòir dhuinn a bhith ciontach – tha sinn uile a’ dol tro rudeigin an-dràsta – chaidh mi far nan rèilichean mar cudieign a’ ceannach sailead bradain air a’ bhàt’-aiseig an àite Bhuna Fheòil Uain leth-tiops, leth-rus.”
Nuair dh’iarr an Daily Gael oirre beagan comhairle slàinte a thoirt dhuinn, thuirt Seonag “Tha mi air na roll-ups, tha iad nas fheàrr dhut na toitean às a’ phacaid.”