Riaghaltas na h-Alba ag Amas air Reifreann ùr ro 2016

Scottish independence referendum signs near Dunblane

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis ag aithneachadh gur e mearachd mhòr a bh’ ann tòiseachadh le Breatainn san iomairt Neo-eisimeileachd aca.

“Bha e gu math faisg an uiridh ach chanainn gun dèanamaid an gnothach air dùthaich anns nach eil sinn ann an aonad poilitigeach a tha trì ceud bliadhna de dh’aois gu math na b’ fhasa.

Alasdair Allan BPA

Taghaidh sinn dùthaich a leithid Sudan a Deas, no Lichtenstein. Chan eil fhios againn fiù ‘s cà bheil iad. Sgoinneil!”

Gabhaidh sinn ceumannan beaga o seo a-mach agus beag air bheag saoraichidh sinn Alba!”

Tha an riaghaltas an dùil tòiseachadh le neo-eisimealachd bho “Tops Tiles” sa Chèitean 2016 agus bhon Eilean Mhanainn ro 2017.

Tha riaghaltas an Eilean Mhanainn a’ faireachdainn gum bi deagh chothrom ann airson Alba a chumail dhaibh fhèin agus tha iad air sgrìobhadh gu Gordon Brown mar-thà.

Chan eil muinntir Tops Tiles toilichte le molaidhean ùra riaghaltas na H-Alba nas motha:

The territory of Tops Tiles is indivisable! One nation! United by tiles!”