Pokémon a’ Fàs sna h-Eileanan

clàr-amais

Tha barrachd dhaoine a’ cluich agus a’ coimhead Pokémon sna h-eileanan a-muigh na bha a-riamh.

Thàinig an sreath gheamannan is phrògraman am follais anns na naoicheadan ach a rèir choltas chaidh na copaidhean uile fhàgail ann an Cidhe Ulapuil airson fichead bliadhna gun a bhith air an toirt a-nall.

“Tha iad air a bhith air cùlaibh being. Gheibh mi facal air Mòrag a bha a’ glanadh an àite.”

Ailean Stiùbhairt, Neach-labhairt Calmac

Ach tha fir nan Eilean Siar fìor thoilichte agus na geamannan gu seach àraid a’ còrdadh ri croitearan na sgìre:

“Is fìor thoil leamsa mar a chuireas iad às do chèile le uisge, teine agus dealan, ‘s ann a tha sin na thlachd mòr dhomh. Bha coir agam a dhol a-mach agus biadh agus a thoirt dhan chrodh bho chionn mhiosan. Saoil am faigheadh iad tron Gheamhradh as m’ aonais?”

Dòmhnall Ruadh 73, Na Lochan

Chan eil na h-ealanaich uile buileach cho toilichte le dibhearsan ùr nam fear ged-tà:

“Chan eil iad fiù ’s a leigeil orra gu bheil iad ag obair a-niste. B’ àbhaist dhaibh draibheadh mun cuairt air na quadbikes beaga dearga aca is ag innse dhuinn cho sgìth a bhith iad as dèidh latha `pissing around` air a’ chroit.”

Bealag Chaimbeul 53, Griomsaigh

Ach tha Eachann Ruadh an duine aice gu math toilichte le gnothaichean mar a tha iad:

“Tha Bealag a’ smaointinn gu bheil mi ag obair…’s i a tha gòrach! “Choisich i a-steach orm a’ cluich Pokemon an latha reimhid ach dh’fhosgail mi an laptop mas fhìor gur e porn a bh’ ann. Bha siud faisg!

Dh’iarr an Daily Gael air Ceannard Comhairle nan Eilean Siar a bhràth a thoirt seachad:

“Tha mi duilich ach tha sinn uabhasach trang ann an Comhairle nan Eilean Siar an-dràsta gar n-ullachadh airson an taghaidh choitchinn agus definitely not a’ cluich Pokemon fad an latha.”