Pledge ùr èiginneach aig Nick Clegg
Tha Nick Clegg a-nis a’ gealltainn aig a’ mhionaid mu dheireadh gun cuir e às dhan a’ h-uile gràineig ann am Breatainn ro dheireadh na mìosa:
“`S e na Lib Dems a-mhàin a tha ag aithneachadh nach e a-mhàin na h-immigrants a tha ag adhbharachadh nan trioblaidean mòra nar dùthaich fhèin. Tha na gràineagan gan cuideachadh anns a h-uile dòigh!” ars Clegg.
Thathar a’ tuigsinn gun do thòisich gràineagan an cogadh Iraq le a bhith a’ toirt faidhlichean fuadan do Thony Blair agus gun do chaith iad a h-uile sgillinn a bh’ againn ron chrìonadh eaconomaigeach o chionn ‘s gu bheil gràin aca oirnn is iad ag iarraidh ar creachadh.
Dhùin iad Woolwarths gus nach faigheadh sinn stuth aig prìsean reusanta gun a bhith a’ dràibheadh gu bùth mhòr nach toil leinn idir.
“Fo ar casan no air uachdar na talmhainn, gheibh na Lib Dems greim orra uile!” dh’ eigh Clegg air beulaibh ceathrar dhaoine ann an Sheffield. “Ma tha rudeigin ceàrr nur beatha is cinnteach gur iad na Graineagan as coireach…agus chan e sinne san riaghaltas no ar dlùth-caraidean sna companaidhean mòra”.
“`S e seo pledge nach bris sinn!…’s dòcha.”
S e tuigse an Daily Gael gu bheil connspaid mhòr ann an-dràsta taobh a-staigh a’ phartaidh Libearalaich. B’ fhèarr le feadhainn a chumail orra a’ marbhadh nam broc ann an meadhan Shasainn a ach b’ fheàrr le feadhainn eile nach tug iad am bhot do Chlegg sa chiad àite.