Pìos Hama air Masterchef a Bhuannachadh

 

"Cho pròiseil"

“Cho pròiseil”

`S e co-fharpais fìor dhlùth a bh’ anns a’ chuairt mu dheireadh Masterchef eadar trì còcairean tàlantach agus pìos mòr Hama a thàinig a-steach aig a’ mhionaid mu dheireadh.

Am measg nan còcairean neo-phroifeasanta bha Emma Spitzer, a chuir ri a cliù gu mòr le a bhith a’ dèanamh biadh cùbhraidh spìosrach à Leabanon.

Bha cuideachd fear sàmhach à Oldham ann agus fear le stais cùrlach air an robh daonnan gàire air aodann. Ged bu chomasach an triùir aca mu dheireadh thall `s e am pìos mòr hama a rinn an gnothach le clàr-bidhe snasail a leithid nach fhacas a-riamh:

A’ chiad chùrsa

Tortellini lìonte le balgan-buachair porcini, uighean-tunnaig agus sliseag bheag hama

Am prìomh chùrsa

Trosg na laighe air buntàta milis le ola truffle air agus pìos mòr hama

Am milis

Tarte tatin le Creme Anglaise Star Anise, Ubhail ròst agus cnap mòr hama fhathast air a’ chnàmh

Cò a bhiodh an dùil ri hama le custard! arsa Greg Thompson a bha na bhreitheamh an oidhche ad! Bha pàrtaidh nam bheul nach dìochuimhnich mi gu latha mo bhàis!

Tha am pìos hama air trì tairgsean obrach a dhiùltadh bho chidseanan cliùiteach mar-thà is e an dùil taigh-bidhe spaideil fhosgladh dha fhèin.

“Tha mi an dùil ri co-dhiù dà rionnag Michelin a chosnadh mun tèid mi a-mach à deit Diardaoin seo tighinn.”