Ospadal agus eSgoil còmhla ann am Barraigh?

Tha Corlynanyalen air innse gun tog iad ospadal agus àrd-sgoil ùr còmhla ann am Bàgh a’ Chaisteil o chionn ‘s gu bheil e a’ dèanamh ciall an dà àite far am bi luchd-labhairt na Gàidhlig a’ dol airson a dhol à bith a chur còmhla.
Thuirt neach-labhairt “Tha e a’ dèanamh ciall dhuinn an dà thogalach a chur còmhla oir an-dràsta, feumaidh sinn feitheamh treis fhathast mus sguir a’ mhòr-chuid de Bharraich a bhruidhinn Gàidhlig tro adhbharan nàdarrach, ach shaoil sinn gum biodh e na bu luaithe na bha iad dìreach a’ dol tron sgoil agus a’ sgur a bhruidhinn an uairsin leis mar a tha an curaicealaim againn an-dràsta.”
“Mar nì a h-uile ospadal airson seann dhaoine, bheir sinn coltas san sgoil gu bheil sinn a’ dèanamh beagan oidhirp airson a’ Ghàidhlig a chumail beò, ach fhios agad mar a tha e airson Granaidh, aig deireadh an latha chan eil cùisean gealltanach idir dhi.”
“Tha sinn cuideachd air bruidhinn ri NHS nam Hebrides agus tha iad ag aontachadh gum bi na dotairean is nursaichean uile san ospadal ùr ag obair tro eSgoil à Steòrnabhagh.”
‘S e buille eile a th’ ann dhan Ghàidhlig ann am Barraigh as dèidh do chuideigin bho Oilthigh air choireigin a thighinn gus tathaich faisg air na chill cabinets ann am Bùth Bharraigh ‘s i a’ dèanamh farchluais air daoine a’ bruidhinn agus a’ tighinn gu tomhais nach eil ach 5% de chomhraidhean Barrach sa Ghàidhlig.