Niseag na falach às dèidh Connspaid Cocaine
Tha uilebheist Loch Nis an dùil a bhith na falach airson ùine mhòr as dèidh tachartais tàmailtich ann an club-oidhche Inbhir Nis.
Fhuair na poileas greim oirre oidhche Shathairne às dèidh a tilg a-mach à Club Oidhche ann am meadhan a’ bhaile.
Tha e coltach gun robh i chadal ann an taigh-bidhe Subway le a beul làn pùdair geal agus ceapaire troigh a dh’ fhaid air aran eadailteach le càise aice.
Chan urrainn don Daily Gael an club fhèin ainmeachadh ach thathas a ràdh gu bheil e “gu math coltach ris an Jeremy Kyle Show ach le ceòl agus barrachd fearg”.
“Tha mi duilich gun do thachair seo” ars Niseag “ach tha e a’ toirt tlachd dhomh a bhith a’ smaoineachadh air an luchd-turais gam lorg aig an locha. Bha mi ann an Weatherspoon’s fad an fheasgair is chan fhaca duine mi!”
“Bidh iad a’ gearan nuair nach fhaic iad mi agus bidh iad a’ gearan nuair a chì iad mi… a’ gabhail cocaine. Cò aig a tha fios dè tha daoine ag iarraidh orm!”