Muinntir na Hearadh dòchasach mu “Suicide Mission”
Tha na Hearraich air fad air iarrtas anmoch a chur a-steach dhan iomairt “Mars One”.
Thuirt Sergio Ramires, ceannard Mars One, gu bheil iad “uabhasach toilichte” gum bi muinntir na Hearadh air bòrd:
“Tha tòrr iarrtasan againn bho luchd-saidheans nach do chuir am buntàta a-riamh. ‘S e croitearan comasach agus croitearan comasach a-mhàin a fheumas sinn ann am Mars, agus chan ionnsaich thu sin ann an Oilthigh Fancy.”
Tha an sgioba-saidheans againn a’ lorg dòigh caoraich a chumail gun fheur no adhar agus Rèidio nan Gàidheal fhaighinn air taobh thall a’ phlanaid.
Tha Muinntir na Hearadh uabhasach fhèin toilichte leis a’ phlana ùr:
“Tha prìs an fhearainn gu math nas ìsle ann am Mars na anns na Hearadh. Tha mi a’ dol a reic na croite agus Olympus Mons a cheannach, sgoinneil! Cuideachd, tha Mars 225 millean km air falbh bho Steòrnabhagh. Abair deagh naidheachd tha sin, eh?!”
Domhnall Eachainn MacLeòid, Tairbeart
“Tha e mu -120°C air an oidhche agus chan fhaic sibh a’ ghrian airson sia mìosan den bhliadhna. Tha stoirmichean dust ann a h-uile latha agus chan fhaic is cha chluinn thu daoine airson mhìosan is e cho aonarach. Chan eil buithtean math ann nas motha! Sin na Hearadh dhut.”
Ceiteag Nic a’ Phì, Hùisinis
Tha an t-uachdaran Rich MacBastard fìor dhuilich na Hearaich a chall agus an t-àite a lìonadh le caoraich dìreach mar a rinn athair ach tha e cinnteach gum bi “beatha nas fhèarr aca ann am Mars.”
“Cò a dh’fhuireachadh anns na Hearadh!”
Chuir sinn a’ cheist air na Hearaich dè bhios iad ag ionndrainn is iad gun a bhith a’ faicinn an eilein aca gu bràth tuilleadh:
“Calmac breakfasts!” dh’eìgh iad còmhla.