MacCruimein air tilleadh a-mach à Uamh an Òir mu dheireadh thall
Bha iongnadh mòr ann an Ceann a Tuath an Èilein Sgitheanaich an-diugh nuair a nochd Iain MacCruimein, am piobaire, às dèidh còrr is ceithir ceud bliadhna ann an Uamh an Òir faisg air Borgh na Sgiotaig.
On a dh’fhalbh Iain a-steach dhan uamh ann an 1604, tha iomadh òran is sgeulachdan air nochdadh ma dheidhinn. Anns an tionndadh as ainmeile den òran, tha e a’ tighinn fo ionnsaigh cù-sìthe uaine agus a’ gearain nach eil trì làmhan aige, “dà làmh sa phìob agus làmh sa chlaidheamh.”
Dh’inns Iain dhan Daily Gael gun robh e dìreach a’ feuchainn ri falach on bhean aige.
“O Thì, bha mi gam shàrachadh leis a’ ghalla uaine ceart gu leòr, ach cha robh i idir cho mosach ris a’ ghalla ruadh a bha a’ fèitheamh orm aig an taigh! Is beag an t-iongnadh gun robh mi a’ falbh cho fada, cha b’ urrainn dhomh a dhol dhachaigh leis an oinseach sin a’ cur dragh orm.”
Cha robh beatha furasta san uamh idir, le Mgr MacCruimein a’ fulang iomadh càs ach bhe e toilichte a bhith air ais a thuirt e, ged a bha a chuideachd air fagail.
“Bha an t-am ann tilleadh agus stad a chur air a’ chac “cha till, cha till” ud. Bha an dà fhiar iarainn a’ sìor fhiathadh nam ghlùin, ach bha siud bho seann leòn a fhuair mi a’ cluich do Stafainn an aghaidh Portree Juniors ann an 1653. Is e an rud as duilghe nach b’ urrainn dhomh dràma fhaighinn, chuir mi crìoch air an hipflask agam ann an 1767.”
Bha pathadh mòr air Iain nuair a nochd e air a’ chladach, agus dh’inns e dhan luchd-naidheachd a bha ga fhèitheamh gun robh sin na pràomh adhbhar airson tilleadh gu Tir nam Beò.
“Bha mi a’ dol a nochdadh o chionn còig bliadhna deug ach ’s ann an uairsin a chuala mi gu robh am public bar ann am Flodaigearraidh dùinte do mhuinntir na sgìre. Chuala mi gu bheil e fosgailte a-rithist ach bidh mi sa Bhakur ann an Uige a-nochd fhathast, ged ’s truagh a tha e, tha iad fhathast a’ reic 35mls!”