Lèirmheas Geama: Fallout 4
Is gann a nochdas geama a nì sgrios air do bheatha mar “Fallout 4”; an tìotal ùr aig Bethesda Software a thàinig a-mach o chionn mìosa.
`S e th’ ann am Fallout 4 ìomhaigh de dh’Aimearaga ann an 2287 às dèidh cogaidh sgrathail niùclasaich agus sgeulachd athar / màthar a’ feuchainn rim mac a lorg às dèidh a ghoid aig toiseach a’ gheama an aghaidh iomadach chunnartan.
Chan fhada gus an greimich Fallout 4 ort. ‘S ann a thachair e dhomhsa is mi nam fhalach bho “raider” ann an taigh beag a’ tilgeil grenades air mo chasan fhèin agus smaoinich mi `s e seo fear de na geamannan as fheàrr a chluich mi a-riamh. Fhuair mi às le mo bheatha le a bhith a’ ruith air falbh (mar ghaisgeach) a’ fàgail mo chù (gu gaisgeach) a chur às dhà.

“Dogmeat” no “Dìleas” mar a th’ agamse air.
Faodaidh tu mathan-tèididh a chur ann an Rocket launcher agus Super mutants, Zombies, Crùbagan mòra mùthaichte agus daoine neo-chiontach nach rachadh faisg ort a mharbhadh leis. Dè eile a dh’iarramaid? Air neo mura toil leat tèicneòlas, faodaidh tu do nàimhdean a sgrios le wrench nad làimh. A cheart cho spòrsail. Roghnaich mise a bhith a’ cumail nam fhalach fad an t-siubhail (mar ghaisgeach).

“Is mise am bàs, a mhilleas an saoghal.”
Tha feadhainn a’ gearan mu choltas a’ gheama ach `s e beartas an t-saoghail seach a choltas a bhios gad tharraing a-steach. Suidhichte ann am Boston (na tha air fhàgail dheth) tha saoghal a’ gheama làn charactaran innteanach, lughach agus olcmhor, coltach ris na Hearadh. Gach uair a thèid thu a-mach a choiseachd a dh’ aiteachan ùr tha e a cheart cho coltach gun tèid d’ithe le creutair mòr sgràthail, mar as cumanta sna Hearadh.

Saoghal Fallout 4 ann an 2287

Na Hearadh, Dimàirt seo chaidh.
`S e an aon ghearan a th’ agamse ged-tà gun do dh’ fhàg mo bhean mi às dèidh mìos ga chluich gun bhruidhinn rithe no mo ghlanadh fhèin ach bidh sin a’ tachairt. Leanaidh mi orm a’ cluiche gus an till i.
Neartan:
- Sgealachd tharraingeach shrùthail a’ ruith tron gheama gu lèir
- Tòrr chreatairean eagallach rim marbhadh
- Saoghal fosgailte tarraingeach
Laigsean:
- A’ toirt na Hearadh nad chuimhne
- Teans math gum fàg do chèile thu
- Sa Bheurla