Jeremy Clarkson a’ Tionndadh gu Alba

images

Tha am fuamhaire cùrlach Jeremy Clarkson air ath-fhastadh leis a’ Bhbc is e a-nis na dhàrna preasantair air “Air an Rathad”.

Cha bhi Clarkson a’ bruidhinn air a’ phrògram ach is e tuigse an Daily Gàidheil gum bi e ag aithris le a bhith a’ srannartaich is a’ dannsa gu h-interpretively agus a’ toirt sgleoc càirdeil dha na riochdairean nuair a dh’fheumas e biadh.

Thathar a’ tuigsinn gur e fìor dheagh cheum air adhart a tha seo do Clarkson, a bha na bliadhnaichean mòra ag obair air prògram beag gu math coltach ri “Air an Rathad” nach robh duine sam bith a’ coimhead:

“Chòrd e rium fìor mhath a dhol a Bholivia, Vietnam, Riviera na Frainge agus iomadach àite iongantach eile ach tha mi a-nis a’ coimhead air adhart ri a bhith a dràibheadh mun cuairt na Hearadh ann an Saxo beag gorm agus ma gheibh mi an cothrom, a dhol a Steòrnabhagh.”

“`S e leisgeadairean a th’ annta an sin aig a’  BhBC 2 is iad a’ goid a h-uile deagh beachd a bh’ aig “Air an Rathad” on a thòisich e! Agus tha sin tàmailteach!”

“Tha mi an dùil am flat agam ann an Lunnainn a reic agus àite beag a cheannach a leithid Bàideanach no Cataibh sna seachdainean seo tighinn. Tha mi an dòchas gum bi rùm gu leòr ann air a’ Ghàidhealtachd. LOL!”

Tha Clarkson a’ cumail a-mach gu bheil e air a dhòigh mun ghnothach:

“Is olc leam a’ Ghàidhlig, do chultar is do dhùthaich ach tha mi air mo bhioran airson sreath ùire dhe Air an rathad!”