Inbhir Ùige Fada air Falbh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis mothachail gu bheil Inbhir Ùige fad air falbh.
Bha Comhairliche Abigail Ross a’ dol gu coinneimh an latha roimhe ann an Inbhir Ùige ach b’ fheudar dhi stad ann am Brora.
“Bha mi trì lathaichean air an rathad is bha agam ri mo bhrògan ithe. Chan e fiù ’s leathair a bh’ annta. Sin cho bored ‘s a bha mi. Is math nach robh caraid còmhla rium no bhithinn air an ithe. Suidheachadh èiginn… fhios agad.”
Tha Rod Gibson, Ball pàrlamaid na sgìre a’ moladh “nach tèid thu dhan bhaile idir. Tha e uabhasach fad air falbh agus chan eil sinn ag iarraidh do leithid ann.”
“Ma tha thu a’ dol a thighinn cho fada seo, tha cho math dhut a’ dhol a dh’Arcaibh. Honestly na bodraig.”
Nochd e an t-seachdain seo gum bi Sgioba Ball-Coise Inbhir Ùige a’ siubhal co-dhiù seachdain gu leth airson nan geamannan aca.
“Nach cuidich cuideigin sinn?” arsa Manaidseir an sgioba. “Tha mi a-nis deich bliadhna air an rathad agus tha mi ag ionndrainn mo theaghlaich.”
Bhruidhinn an Daily Gael ri Kevin Phillips a tha na shaor ann an Inbhir Nis mun t-suidheachadh:
“Cha robh mi a-riamh ann ach bha mi ann an TK Maxx Diciadain. Feumaidh gu bheil an dà àite gu math coltach.”