Iain Tormod MacLeòid a’ fàgail SMO airson Naked Gun 4
Leis an naidheachd gum bi Iain Tormod MacLeòid a’ leigeil dheth a dhreuchd mar iar-phrionnsapal an t-Sabhail Mhòir, chan eil Hollywood air a bhith slaodach ann a bhith a’ gabhail a’ chothruim cùmhnant a thoirt dha.
Thuirt an stiùiriche ainmeil Steaphan Spèileabord, “Bha mi a’ bruidhinn ri mo dheagh charaid Chris Young agus mhol esan Iain Tormod sa bhad. Bidh IT dìreach eagalach math mar Frank Drebin san ath-thionndadh den Naked Gun a tha sinn a’ dol a dhèanamh.”
Chaochail Leslie Nielsen ann an 2010 agus nochd am film mu dheireadh aig The Naked Gun ann 1995. Tha Iain Tormod air leth freagarrach airson bòtannan a’ chleasaiche Chanaideanaich a lìonadh ann am beachd Steaphain; “As dèidh dhomh coinneachadh ris, shaoil mi leam fhèin ‘Cò eile a bhiodh comasach a bhith cho ‘deadpan’ ri Leslie còir ach fear a bha cho foighdineach agus fionnar fad còrr is trithead bliadhnaichean a’ dèiligeadh ri clann seachd-deug às an Òban nach robh air nochdadh aig clasaichean Màiri Sìne airson sia seachdainean fo bhuaidh na dìbhe?'”
Thuirt an eòlaiche Hollywood Perez Baile nan Cnoc, “Gu math sgiobalta, bidh e a-measg nan sionnach liath eile ann an Hollywood, Steve Màrtainn, Seòras Clooney, John Slattery – agus bidh fàilte mhòr air Seònaid cuideachd a-bhos, ma tha na salachairean a’ gabhail eagal ron leithid Oprah is eile an-dràsta, fuirich gus an coinnich iad ri tè a bha comasach seasamh suas ri pàrantan Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.”
Thathar an dùil gum bi An Gunna Rùisgte 4 a’ nochdadh as t-Samhradh 2019. Bidh [ Ubiquitous Gaelic character actor – name redacted after legal advice] a’ cluich OJ Simpson ann.