Griogair Labhruidh a’ cur a-mach clàr de standards airson na Nollaig
Tha an neach-ciùil Griogair Labhruidh air iomadh car a ghabhail na chuairt tro shaoghal a’ chiùil. O sheann nòs gu rap gangsta, tha e air a làmh a thionndadh gu iomadh genre agus dòighean-ciùil. Ach ‘s mathaid gur e seo an car as inntinniche aige riamh. Clàr de standards o Leabhar Òrain Mhòr Ameirigea air an tionndadh dhan Ghàidhlig deiseil airson stocainnean do sheanmhar airson Là na Nollaige.
“Bha mi den bheachd gum biodh seo uamharraidh math airson na Nollaig Bhig mar their sinn fhios agad. Bha greannan de dh’amhrain ann a bha a’ còrdadh rium agus bha nam lèirsinn a chlàradh.” thuirt Griogair a’ bruidhinn o Graceland Arraghaidheil, Aròs na Fèinne.
“Bidh an clàr rap agam fhios ‘ad bragail gu leòr ach bha mi airson misneachd thoirt do dhaoine gum faod iad ceòl Gàidhlig a chur air nòs sam bith de cheòl. Tha na h-amhrain seo glè choltach ri amhrain Mhic Mhaighstir Alasdair.” Gu dearbh, tha an clàr sònraichte math.
A-measg nan amhrain aig Griogair air a’ chlàr, cluinnear e a’ gabhail puirt le Sinatra “Rudeigin Gòrach” “Sin agad beatha”, Andy Williams “Abhainn na Gealaiche” agus Dean Màrtainn “Nach bu bhreab dhan cheann a bha siud”.
Cuideachd, tha tionndadh Gàidhlig den òran Nollaig chlasaigeach “Gum bi Nollaig Bheag Chridheil Agad” ann le daoine ag ràdh gu bheil e nas fheàrr na an fhear a rinn ‘Seann Shùilean Gorma’ e fhèin. Thàinig na daoine aig Frank Sinatra à Kintra no Ceann na Tràgha ann am Muile agus thàinig an t-ainm o droch litreachadh aig Eilean Ellis ann an New York.
Bidh Nollaig Bheag le Griogair Mòr – A Very Griogair Christmas ri fhaotainn sa h-uile bùth ciùil as fhiach e a dh’aithghearr.