Gàradh Àranais a’ dol fhosgladh is a dhùnadh a-rithist uaireigin

Tha an sgeulachd bhuan ud air Aithris na Maidne, aiseirigh iongantach/grad-dhùnadh Gàradh Àranais ann an Leòdhas a’ dol a shìor-leantainn airson treis fhathast a-rèir coltais.

Tha fathannan mu chùmhnatnan ùra gus stoban-feansa airson tuathanas-gaoithe far a’ chost an ear a’ dol mun cuairt, a’ ciallachadh gum bi feachd-obrach a tha air a bhith gam pàigheadh dheth nas trice na luchd-glèidhidh Prionnsa Anndrais, a’ tilleadh gu obair uaireigin.

“A-nis nach bi na cailleachan a’ cleachdadh nam mothballs, bidh sinn gan reic airson Àrnais a mhotbhalladh. Bidh Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba fialaidh leis an spòran nuair a bhios an ath chompanaidh togail a’ dol à bith.” ars Akram o Bhùth Akram sna Hearadh.

Thuirt Alasdair Allan BPA, “Cha mhòr nach eil mi dìreach a’ copaigeadh ‘s a’ pastaigeadh aig an ìre seo. An e fosgladh no dùnadh an trup seo?”