Fear a ghoid buntàta: “Bha còir agam rudeigin eile a ghoid.”
Fear a ghoid Buntàta: Bha còir agam rudeigin eile a ghoid.
Tha fear òg Gàidhealach a chaidh a-steach a thaigh dhuine eile làn briseadh dùil nach tug e leis rudeigin eile.
Tha Eòghainn MacAoidh – nach urrainn dhuinn ainmeachadh air adhbharan an lagha – a ràdh ged is e buntàta eireachdail a bh’ ann gun gur e cothrom math a bhiodh ann telebhisean mòr, seudan luachmhor no cuilean snog a thoirt leis:
“Bha e math anns a’ phoit ach tha mi a-nist anns a’ phrìosan. Tha teili mòr agus deagh bhiadh agam ann an seo ged-tà. Cha robh agam air an taobh a-muigh ach mions!”
Tha muinntir a’ bhaile a’ cur romhpa ìomhaigh-cloiche a thogail mar chuimhneachan air a’ bhùntata ann an “Cearnag an tortellini a chaidh a-mach à deit”.