Dreuchdan bàna aig Sgoil Ghàidhlig Glaschu

anchorman-minotaur

Tha Sgoil Ghàidhlig Glaschu a-nis a’ sireadh triuir thidsearan, dithis neach-taice agus Minotaur.

“Tha sinn coma mu na thidsearan” ars Ceannard na sgoile ach “feumaidh sinn classical Minotaur airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhainn gu soirbheachail”.

“Bha am Minotaur mu dheireadh againn – Aristodemos MacIlleMhaol – uabhasach math air a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus sùil a chumail air Labyrinth na sgoile aig an aon àm”.

“Tha sinn gu mòr na chomain agus ag guidhe gach uile beannachd air na dhreuchd ùr mar Phrìomh Mhinotaur aig Comhairle Baile Ghlaschu.

Bidh am Minotaur ag obair gu math dlùth ri Oifigear Gàidhlig na sgoile.

Tha an dreuchd seo fosgailte do dhuine sam bith ach b’ fheàrr leis an sgoil tagraidhean fhaighinn bho Mhinotauran càirdeil le co-dhiù dà bhliadhna de dh’eòlas ann an suidheachadh Minotaur no leasachadh cànain.

Gàidhlig riatanach.

Bhruidhinn sinn leis a’ mhinotaur chlùiteach air an latha mu dheireadh aige san sgoil:

“ARRRRGHMOOOOOOOOOOOAAAARGH” dh’ èigh e le a shùilean làn deòir.

Gur math a thèid leat Aristodemos MacIlleMhaoil!