Dìreach 334 latha chun a’ Mhòid!

 

Aiseagan CalMac a' dèanamh air Steòrnabhagh

Trì aiseagan CalMac a’ dèanamh air Steòrnabhagh

Tha saoghal na Gàidhlig air fad air a bhioran leis nach eil ach 334 latha ann gu toiseach Mòd nan Eilean Siar!

Thathar a’ moladh do mhuinntir an tìr mhòir na sgìrean aca fhàgail cho luath as urrainn dhaibh oir “tha e cho math dhaibh a bhith ann an Steòrnabhagh co-dhiù.”

“Tha na rathaidean car trang mar-thà” ars ceannard na Comhairle. “Chunnaic mise dà chàr air rathad na Hearadh an-diugh agus tha ionad-pàrcaidh Tesco leth-làn mar-thà”.

Bithear a’ cumail a’ mhòr-chuid de na co-fharpaisean sa bhaile fhèin ach co-fharpaisean na pìoba a chumar air “creig sònraichte tarraingeach” far eilean Hiort no taobh thall Bhatarsaigh “ma tha sluagh mòr gu bhith ann”.

Tha CnES ag obair gu cruaidh son ùidh a thogail mar-thà:

“Dèanaibh deiseil airson 6 lathaichean sgoinneil làn tachartasan agus latha sèimh sàmhach san eaglais is anns na dachaighean agaibh ag ithe ròst a rinn sibh oidhche Shathairne.”

Thàinig e am follais an t-seachdain seo gu bheil gaisgeach mòr nan Gàidheal Fergie MacDonald a’ dol a chumail air a’ cluich troimhe gun sgùrr chun ath mhòid mar a rinn e an-uiridh.