Cùmhnant-aiseagan Brexit ga thoirt gu Anndra agus Iain bho Bannan

Fhuaras deagh naidheachd le muinntir Chamuis an-diugh gun deach Iain agus Anndra – dithis bhalach tapaidh às an sgìre – a roghnaicheadh airson seirbheisean-bathair thairis air caolas Shasainn a thoirt seachad.
A dh’aoindeoin is nach eil aca ach aon shoitheach gu math beag – a chaidh cleachdadh o chionn ghoirid airson cuidhteas fhaighinn de chorp Phàdraig – tha Chris Grayling a’ cur earbsa slàn anns na balaich:
“Tha fhios gu bheil aon bhàta tòrr nas fheàrr na bh’againn. Cha bhi an caolas Shasainn cho trang ris an eilean cha chreid mi.”
Tha Anndra agus Iain riaraichte an cothrom seo fhaighinn agus a’ dèanamh fiùghar ri tòiseachadh:
“Math dh’fhaoidte gum faic sinn iolaire mu dheireadh thall!” dh’èigh Anndra mar chùilean.
“Bheir e ùine mhòr a dhol sìos leis a’ quadbike, tha sin cinnteach” thuirt Iain.
”Ach, cùmaidh seo a’ dol mi eadar a bhith a’ fiolmadh Bannan is a bhith an toir air Ciorstaidh.”
“Seall orm a-nist a Chiorstaidh nam neach-gnìomh mòr is £13.8 millean not nam phocaid!”