Comhairle nan Eilean a’ sireadh bheachdan air a’ phlana Ghàidhlig dheireannach aca

Tha Comhairle nan Eilean air fios a chur a-mach gu bheil iad a’ sireadh bheachdan airson na tha iad an dòchas a bhios am plana Gàidhlig mu dheireadh aca.

Tha a’ Chomhairle air obair ionmholta a dhèanamh a dh’ionnsaigh an targaid seo o chionn ghoirid, leis na h-àireamhan a’ dèanamh no ag ionnsachadh Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean a’ tuiteam gu mòr, a’ dol as aicheadh gu bheil iarrtas sam bith airson sgoil Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh agus a’ stobadh an àird sanasan rathaid sa Bheurla a-mhàin. Tha iad dòchasach gur e fuasgladh deireannach a bhios aca leis a’ phlana ùr seo.

Ars neach-labhairt “Tha sinn an dòchas leis a’ phlana ùr seo nach bi Gàidhlig gu leòr sna h-Eileanan an Iar ann an ceann beagan bhliadhnaichean agus mar sin nach bi Riaghaltas na h-Alba no Bòrd na Gàidhlig a’ cur dragh oirnn tuilleadh.”

“Tha sgoiltean Gàidhlig math ann an àiteachan far a bheil traidisean de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig ach cha robh daoine riamh a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Steòrnabhagh.”

“Dh’fheuch sinn Gàidhlig a dhèanamh ‘cool’ ach chan eil e a’ còrdadh ri clann latha-an-diugh a rèir coltais, mar sin chan eil sinn a’ dol a bhodraigeadh leis a-nis.”

“Shaoil sinn an trup seo, an àite Plana Gàidhlig, gun cuireadh sinn a-steach pios A4 bàn ach leis na faclan ainmeil aig Cuba Gooding jr, “Show Me The Money” sgrìobhte air.”

Faodaidh tu do bheachdan a chur a-steach an-seo