Coimisean na Croitearachd “a’ bruidhinn cac” – Ewing
Ghabh Fergus Ewing, am Ministear airson Eaconamaidh Dùthchail agus Ceanglaichean (no rudeigin mar sin) leisgeul croitearan na Gàidhealtachd nuair a fhuair e a-mach gun robh Coimisean na Croitearachd a’ bruidhinn às an tòin fad bhliadhnaichean.
Ars Mgr Ewing “Tha mi uamhasach duilich mu dheidhinn seo – a dh’innse na fìrinn, nuair a chuala mi mu dheidhinn a’ Choimisein a’ cur constabail ann an àite a’ chomataidh ionaltraidh ann am Mangurstadh agus Col Uarach, bha mi gam dhubh-nàrachadh. Tha an Coimisean air a bhith a’ dol a-mach coltach ris an nighean sin san àrd-sgoil a bhios a’ dèanamh an-àird sgeulachd gu bheil bramar aice no rudeigin.”
Lean Ewing air “A-rèir coltais, tha an cac seo air a bhith a’ dol o chionn fhada – a’ leigeil le daoine croitean a reic aig prìs àrd gus nach fhaigh òigridh na sgìre sgàth fearainn san sgìre dham buineadh iad, a’ toirt cead do bhonglies a bhith a’ cùmail aon seann chaora air an lot an àite a bhith a’ dèanamh rud leis an talmhainn agus a’ bagairt air Seonaidh Iain nuair a bhios e ag obair aig muir an dara leth den bhliadhna gu bheil e ann an cunnart a’ chruit aig’ a chall.”
“Bha mi am beachd Comataidh Mhangarstaidh fhàgail bàn ge-tà, dìreach airson caise a chur air Brian Wilson airson na lols.” Thuirt am BPA nàiseantach san dealachadh.