Còig caractaran Gàidhlig sgoinneil airson Latha Leabhraichean an t-Saoghail!
Ma tha thu nad thidsear bun-sgoil bidh thu mu tràth ag ullachadh airson Latha Leabhraichean an t-Saoghail air a’ chiad latha den Mhàrt. Ma thta thu ag obair ann am bun-sgoil Ghàidhlig, tha deagh chance ann gum bi a’ chlann ag iarraidh a thighinn a-steach mar Harry Potter, no Katniss bho Hunger Games no rudeigin dhiabhailt’ Ghallt’ mar sin. Cuir stad orra leis an liosta seo de charactaran sgoinneil o litreachas mòr na Gàidhlig!!!
1. A’ Chlach bho Briseadh na Cloiche le Iain Moireach
Cuir plangaid glas umad fhèin agus suidhe air an làr fad an latha gun a bhith a’ sioftadh (Obraichidh seo math airson na cloinne chraichte! Cha bhi agad ri ‘Suidh sìos Finbar!’ no ‘Bi modhail Miriam-Skye!’ a ràdh airson a’ chòrr den latha.) Mur eil plangaid glas agad, faigh fear cloimh agus bidh nad chaora o Feòil a’ Gheamhraidh.
2. An Duine Dubh bho An Duine Dubh le Iain Mac a’ Ghobhainn
Ged a dh’obraich e airson RDJ, mholamaid gun a bhith a’ cur a’ bhoot pholish ort oir bidh thu ann an trioblaid gu leòr a’ gnogadh air dorsan chailleachan agus a’ feuchainn ri drathais shioda a reic dhaibh!
3. Ostrich bho Dacha Mo Ghaoil le Tormod MacGill-Eain
Cuir ort paidhir naidhleans, stob cluasag no dhà a-steach do phoca phlastaig dhubh is cuir umad i, cuir gob a rinn thu a-mach à pàipear buidhe thairis air do bheul agus lom do cheann. Bidh thu a’ coimhead dìreach fantastic.
4. Am Bùrn bho Bùrn le Iain Mac a’ Ghobhainn
Bheir leat bucaid de dh’uisge nad chois fad an latha. Cleachd water-pistol airson Gearmailtich a losgadh ma gheibh thu an cothrom. Gu math topaigeach airson Brfhàgail na làithean-sa. (A dh’innse na fìrnn, dh’fhaodadh sinn liosta slàn le caractaran le ICS fhèin a lìonadh.)
5. Cuideigin bho An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul
Cha do leugh sinn e oir tha e gu math fada ach tha iad ag ràdh gu bheil e math mar sin feumaidh gu bheil cuideigin anns an leabhar a bhiodh math, nach fheum?
A bheil beachdan eile agad? Fàg beachd air an duilleig Facebook againn. Air neo am bi thu dìreach a’ cleachdadh an deise Where’s Wally? a chleachd thu air hen-do gu Baile Atha Cliath a bhon-uiridh? Gabh spòrs!