Clann Thròndarnais sa chiad àite, Coin Thròndarnais san darna àite aig Mòd Dhùn Omhain

Bhuannaich Clann Thròndarnais cha mhòr a h-uile càil aig Mòd na h-Òigridh ann an Dùn Omhain an-dè agus an dùil gun dèan iad an aon rud a-rithist an-diugh. Ach tha sgeulachd nas iongantaiche ann, gun tàinig Coin Thròndarnais san dàrna àite anns a h-uile farpais.

“Bha na bodaich airson tighinn air an splaoid an turas seo, agus cha robh neach a bhiodh aig an taigh airson coimhead às an dèidh, ‘s mar sin chuir sinn ri chèile coisir nan con, Coin Thròndarnais an-uiridh.” thuirt Seonag Dhòmhnallach à Flodaigearraidh.

“‘S e an aon bhriseadh dùil a bha againn anns an Fharpais Luaidh, bha cion òrdagan a’ ciallachadh nach robh an clò a’ gluasad cho siubhlach, oir dh’fheumadh iad am beul a chleachdadh.”  ars Seonag.

Mar bu dual, cha do chaill na Sgitheanaich an cothrom airson beagan bragadh; “A-rèir coltais, tha Gàidhlig nas fheàrr aig na coin againn na tha aig cuid den chloinn às na h-Eileanan an Iar na làithean seo.”

“Cuideachd, rinn sinn airgead às a bhith a’ cur nan con-chaorach a-mach air mal do phàrantan o na h-aonadan Gàidhlig mu dheas airson a’ chlann mhì-mhodhail aca a thrusadh agus rinn sinn gu leòr  airson pàigheadh airson na mòdan ann an Glaschu, Inbhir Nis, Paislig agus Qatar. Innsidh mi seo dhut, cha dhèanadh clann a’ bhaile mhòir gu math sam bith sna farpaisean obedience aig Crufts.”