Ceannard ùr do dh’UKIP?
Uill dh’fhalbh Nigel ach saoil cò a chuireas na “fruitcakes, loonies is closet racists” na àite:
Douglas Carswell:
Mu dheidhinn – Theich Douglas bho bheingean cùlaibh nan Tòraidhean an uiridh agus tha e a-nis na aon bhall-pàrlamaid aig UKIP ann an Taigh nan Cumantan. Is toil leis “Crumble” (an cù aige) ach cha toil leis an Roinn Eòrpa.
Neartan – Glic, eòlas farsaing
Laigsean – Ro ghlic, coltas neo-earbsach
Albi the Racist Dragon:
Mu dheidhinn – Dràgon gràineil à Sealainn Nuadh a thug seachad iomadh beachd connspaideach ann am “Flight of the Conchords”. Cha toil leis Albàinianaich .
Neartan – Beachdan làidir, na dhràgan
Laigsean – Ficseanail, racist
Pierre:
Mu dheidhinn – Fear de na Frangaich as Fhrangaiche. Is toil le Pierre dà Bhaguette a bhith aige agus glainne mhòr fìona deirge.
Neartan – Crabhat snasail, stais neartmhor
Laigsean – Frangach, Bonaid dearg